Fèis Chiùil Gàidhealach a' comharrachadh Oigridh Ceòlmhor Na H-Alba le 1,000 Dhiubh Ann an Sàr-c


Chaidh am prògram airson Fèis Blas na bliadhna-sa fhoillseachadh an-diugh, a' taisbeanadh sàr chruinneachadh de luchd-ciùil bho air feadh Alba agus thar a crìochan, a bharrachd air cothromanan inntinneach do dh'òigridh a tha airson iad fhèin a chur air adhart mar luchd-ciùil agus sgrìobhaicheran-ciùil.

Tha Blas air a cho-òrdanachadh le Fèisean nan Gàidheal an com-pàirteachas ri Comhairle na Gàidhealtachd bhon 7mh-15mh dhen t-Sultain. Tha e na amas aig Blas cultar na Gàidhlig agus saoghal beothail ceòl traidiseanta na h-Alba a chomharrachadh thar naoi latha de chuirmean, cèilidhean agus tachartasan nas motha, aig diofar àiteachan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.


Thug Blas air adhart cothroman inntinneach ùr do dh'òigridh cuid de phrìomh thachartasan fèis na bliadhna seo a dhealbh agus a lìbhrigeadh, le taic bho stòras thachartasan Bliadhna na h-Òigridh 2018, fo stiùir Roinn Thachartasan VisitScotland.

Am measg prìomh luchd-ciùil fèis na bliadhna seo, a bhios a' tachairt eadar Bheàrnaraigh is a' Chomraich, bho Phort Rìgh gu Port MoCholmaig, tha a' bhana-sheinneadair Julie Fowlis, dithis a bhuinnig Farpais Oigridh Folk BBC Rèidio 2 roimhe seo, Mischa Nic a' Phearsain agus Brìghde Chaimbeul, an còmhlan rock Ceilteach Wolfstone, a tha a' nochdadh aig Blas airson a' chiad uair, an còmhlan folk Breabach a tha air a bhith am measg nan duais iad fhèin, an còmhlan òg Ceilteach leatronaigeach, Niteworks agus an còmhlan sàr-chliùiteach RURA.

Bidh dithis shàr-Ghàidheal, Alasdair MacGillIosa agus Dolina NicIllInnein, le chèile a' comharrachadh an 80mh ceann-bliadhna le tachartasan sònraichte anns an Eilean Sgitheanach agus Leòdhas an cuideachd taghadh iomraiteach. Agus le Runrig air an t-slighe tron Mhìle mu Dheireadh, bidh Trail West a' comharrachadh ceann bliadhna air leth - 40 bliadhna bhon chaidh an clàr ainmeil agus adhartach Play Gaelic fhoillseachadh, a lìbhrigeadh ciùil bhon chlàr aig dà chuirm anns an fhèis.

Chan eil e na annas gu bheil òigridh nam pàirt chudromach de dh'fhèis Blas, ach ann am Bliadhna na h-Òigridh thèid barrachd cothrom na bha riamh ann a thoirt do dh'òigridh na Gàidhealtachd an cuid thàlantan fhoillseachadh. Bidh luchd-ciùil òga a tha a' gabhail ceumannan-toisich air an àrd-ùrlar a' nochdadh aig a' mhòr-chuid de thachartasan agus gheibh an òigridh deagh eòlas air margaidheachd agus stiùireadh thachartasan mar a bhios iad ag obair ann an suidheachaidhean le uallach airson a bhith a' cumail rian air fèis na bliadhna seo agus ga sanasachd, mar chuirm mhòr a' foillseachadh òigridh.

An déidh cuirm mhòr Ceòl nam Fèis anns a' Phàillean ann an Srath Pheofhair air Dihaoine 14 Sultain, thig Blas gu ceann aig sàr-chuirm ann am Pàirce Cruinneachaidh a Chinn a Thuath ann an Inbhir Nis an ath latha, Disathairne an 15mh; bidh barrachd air 1,000 de luchd-ciùil òga air an an tarraing bho Fhèisean air feadh na h-Alba agus buidhnean agus iomairtean-ciùil òigridh leithid Buidhnean Ciùil Òga Chomhairle na Gàidhealtachd agus Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. Bidh òigridh sàr-thàlantach a' gabhail an àrd-ùrlair còmhla ri còmhlain a thagh iad fhèin, leithid buidhnean mòra ainmeil mar Skipinnish, Trail West agus Breabach còmhla ri Brìghde Chaimbeul. Thèid òran Gàidhlig ùr a chaidh a sgrìobhadh le Robbie MacLeòid a tha na oileanach ann an Glaschu, a lìbhrigeadh leis a h-uile neach-ciùil anns a' chuirm, an tachartas as motha a chaidh a chur air adhart le Fèisean nan Gàidheal nan eachdraidh thar 30 bliadhna.

Tha cothrom air leth air a thabhann do neach-ciùil og eile tron fhèis, a bhana-sheinneadair Gàidhlig Mischa Nic a' Phearsain à Leòdhas. Bidh Mischa, a bhuinnig an duais Folk ainmeil agus luachmor do dh'Òigridh aig Rèidio 2 ann an 2014, a' lìbhrigeadh a coimisean ùr, le taic bho Thorntons Investments, grunn thursan tro Bhlas. `S e cruinneachadh de dh'òrain ùra an Gàidhlig a th'a nn an Bho Èirigh gu Laighe na Grèine – Sun, Moon, Land, Life, Sea, a' gabhail a-staigh seann bhàrdachd Ghàidhlig, dealbhan agus fiolmaichean goirid.

Thuirt fear de thosgairean òga Fèis Bhlas na bliadhna seo, Lache Robinson: "Tha e dìreach sgoinneil a bhith an sàs ann a bhith a' deisealachadh airson fèis na bliadhna seo agus a bhith a' coimhead air adhart gu prògram a tha cho inntinneach agus tarraingeach, le cuid dhen luchd-ciùil òga as ainmeile a th'againn nam pàirt dheth. Tha Òran Mòr gu bhith dìreach sònraichte agus tha mi fhèin agus mo cho-oibrichean òg a' coimhead air adhart gu mòr gu bhith na mheasg agus a' frithealadh thachartasan eile tro Fhèis Bhlas."

Blas Festival Launches Programme That Showcases Young Talent in Year of Young People 2018

The programme for this year’s Blas Festival was launched on Wednesday 4 July and revealed an outstanding line up of musicians from Scotland and further afield as well as some exciting opportunities for budding young musicians and composers.

Blas, which means ‘taste’ or ‘sample’, is organised by Fèisean nan Gàidheal in partnership with The Highland Council and will take place from 7-15 September. It aims to celebrate Gaelic culture and the thriving Scottish traditional music scene over nine days of concerts, cèilidhs and larger events in venues across the Highlands and Islands. Blas has introduced some exciting opportunities for young people to design and deliver some of the main events at this year’s festival, supported by the Year of Young People 2018 event fund, managed by EventScotland, part of VistScotland’s Events Directorate.


Headline acts at this year’s Blas, which takes place at venues from Bernera to Applecross and Portree to Portmahomack, include Gaelic singer Julie Fowlis, two previous winners of BBC Radio 2 Young Folk Awards, Mischa Macpherson and Brìghde Chaimbeul, Celtic rock group Wolfstone, who will perform at Blas for the first time, award-winning folk band Breabach, young electronic Celtic fusion group, Niteworks and the highly-acclaimed RURA.

Two icons of Gaelic culture, Alasdair Gillies and Dolina Maclennan, will be celebrating their 80th birthdays with special events in Skye and Lewis featuring hand-picked artistes. And as Runrig embark on their Final Mile, Trail West will celebrate 40 years since the release of the band’s ground-breaking Play Gaelic, playing the songs from that album at two concerts during the festival.

Although young people have always featured in Blas, in this Year of Young People the festival will do more than ever to showcase the wealth of talent amongst Highland youngsters. Up and coming young musicians will feature in the majority of events and young people will gain invaluable marketing and event management experience through their key role in the organisation and promotion of this year’s festival which will be a major celebration of young people.

Following a Ceòl nam Fèis showcase concert at the Spa Pavilion in Strathpeffer on Friday 14 September, Blas will culminate in an enormous concert at the Northern Meeting Park in Inverness on Saturday 15th; Òran Mòr meaning Great (or Big) Song, will feature over 1,000 young musicians from Fèisean across Scotland as well as various youth music groups and initiatives including the Highland Council Youth Music Groups and the National Centre of Excellence in Traditional Music. The talented youngsters will take to the stage with the bands they have chosen including traditional music supergroups Skipinnish, Trail West and Breabach along with Brìghde Chaimbeul. A new Gaelic song written by Glasgow-based Gaelic student, Robbie MacLeòid, will be performed by every single musician taking part in the concert, the largest event Fèisean nan Gàidheal will have organised in its 30-year history.

Another young musician offered an exciting opportunity during the festival is Gaelic singer, Mischa Macpherson from Lewis. Mischa, who won the prestigious BBC Radio 2 Young Folk Award in 2014, will perform her new commission, sponsored by Thorntons Investments, several times during Blas. Bho Èirigh gu Laighe na Grèine – Sun, Moon, Land, Life, Sea, is a suite of new Gaelic songs, incorporating ancient Gaelic poetry, photography and short films.

One of the Blas Festival’s youth ambassadors, Lachie Robinson, said: “It is great to be involved in putting together this year’s Blas Festival and to have such an exciting programme to look forward to with some of the acts most admired by young people involved in playing traditional music. Òran Mòr is going to be awesome and myself and my young colleagues, are so looking forward to being part of that and other events during the Blas Festival.”

#BlasFestival #FèisBlas #tours #tourguide #scotland

Get in touch today to start planning your private tour or Scottish experience! 

  • Instagram - White Circle
  • White Facebook Icon
  • Twitter Clean
  • YouTube - White Circle
  • iTunes - White Circle

© 2020 by Imagine Alba.